Seinneam cliù nam fear ùr
Gillean glun-gheal nam breacan
Feileadh beag os cionn nan glun
Eideadh sunndach nan gaisgeach
Seinneam cliù na dh'fhag port-righ
Fo'n cuid pìoban is bhreacan
Leam bu mhiann a bhi nan cul
Miann mo shuil bhi gam faicinn
Seinneam cliù na dh' fhalbh a sleibht'
Gillean treun nach robh meata
Chaidh a dhion an crun 's an tìr
Bho'n a mhìltear gun cheartas
'S bi an cliù 'ga sheinn gu bràth
Fhad's bhios tonn air tràigh no cladach
Fhad's bhios grian an aird na speur
Mairidh spèis do na gaisgich
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.