Sèist:
An tèid thu leam a mhàiri?
An tèid thu leam a mhàiri?
An tèid thu leam a mhàiri dhonn
Gur tìr nam beanntan àrda?
Dh'aithnichinn fhìn do bhàta
Sìos ma rubh' na h-àirde
Brèidean geala anns an t-seòl
'S clann mhicleòid gan càradh
Tha crodh againn air àirigh
Laoigh an cois am màthar
Tha sin againn is caoridh mhaol
Ri aodann nam beann àrda
Cha tèid mi leat a ghàidheil
Mo dhùthaich chaoidh chan fhàg mi
Gur bochd am fonn 's tha an t-aran gann
An tìr nan gleann 's nan àrd bheann
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.