Chaidh mi' n dè dhan choille challtainn
Shireadh chnothan airson biadh
Ach 's e bh' air a h-uile geug
Ach d' aodann-sa gam thriall
Chaidh mi' n dè gu tràigh a' mhaoraich
Lòn de choilleagan a bhuainn
Nochd a h-uile slige neamhnaid
D' àilleachd-sa a luaidh
Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda
Son do sgiùrsadh as mo cheann
H-uile gloinne thog mi, thaom
Do mhaiseachd aist' na deann
Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh
Thusa ruagadh as le suain
Ach cha tug thu cead dhomh cadal
Gus an deanainn duan
Dh' iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
Ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
Do chumadh bhith an àit' do shamhla
Agam bhios an fhèill
Dh' fhàg thu mi nam bhaothair gòrach
Bòradh chàirdean le do chliù
Nuair a thig thu chì iad nacheil
Mearachd ann am fhiù
Chì iad sgurr a'danns' le saobh-shruth
Famh is iolair' anns an ruidhl'
Stamh gu caomh ag altrum sùbh-làir
Mireadh mu an sùil
Chì iad mis' is thusa sùgradh
Bil ri bil, ar n-anail aoint'
Cniadachadh mar seo gu sìor le
Chàile b' e ar maoin
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.