Fo thomain ghorm ùrach
Sa cheàrnaig bheag chùbhraidh
Ann an cladh Abhainn Iù
Tha Bàrd Thùrnaig aig tàmh
Cha dhùisg e, cha dhùisg e
À leabaidh chaol dhùinte
'S tha dhìlsean trom tùrsach
Ag ionndrainn a' Bhàird
Nuair laigh an t-seann aois air
Cha b' ait dha an saoghal
Sgil lèighean chlann-daoine
Cha shaoradh on bhàs
Chuir e gu buil bhuadhmhor
An tàlann a fhuair e
Ga cleachdadh gu suairce
Le huaisleachd a ghnàth
An seirbheiseach dìleas
An taodhair 's an cìobair
Bu luaithe a dhìreadh
Ri mill nam beann àrd
'S aig crìoch a chuid sgrìoban
A chuireadh an sgrìobhadh
Na bh' aige san inntinn
'Son innseadh do chàch
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.