A fhleasgaich oig is ceanalta
'S tu leannan nan deas ghruagach
Do ghaol a rinn mo sharachadh
'S tha bhlath sin air mo shnuadh-sa
Shiubhlainn fada, fada leat
Shiubhlainn deas is tuath leat
Is shnamhainn an cuan Ronach leat
'S ri m' bheo cha toirinn fuath dhut
Gur binn thu na na fidhlichean
Gur siobhalt' leam do ghluasad
Co chunnaic riamh air urlar thu
Nach duraigeadh bhith suas riut
Cha phoiteir 's chan fhear daoraich thu
Bhios daonnan am measg buairidh
Sar chompanach mu'n bhotul thu
'S chan fhaicear sprochd na gruaim ort
Chan Ileach tha 'na leannan dhomh
Chan Aranach 's cha Tuathach
Ach 's ann an Ros a dh'araicheadh
Fear ard an leadain dualaich
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.