E ho libh o ho ro gheallaidh
E ho libh o ho hoireano
E ho libh o ho ro gheallaidh
Tha mulad, tha fadachd, tha cnàmh orm
Cha mhire tha 'n drasd air m'aire
'S tric a rinn mi' n cadal sàmhach
Leat am bàthach a' chruidh-bhainne
'S tric a rinn mi 'n cadal diomhair
Le òigear nam mìogshul meallach
Ciamar a nì mi dhuit an t-òran
'S gun mi eòlach mu d'dhà sheanar?
Ciamar a nì mi dhuit an t-aodach
'S gun do chaoraich air na beannan?
Hu ri bho ho, chuala mi'n dè
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, chuala mi'n dè
Hu ri bho ho, sgeul nach b'ait leam
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, sgeul nach b'ait leam
Hu ri bho ho, m'òg leannan donn
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, m'òg leannan donn
Hu ri bho ho, dol a phòsadh
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, dol a phòsadh
Hu ri bho ho, nighean òg an rìgh
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, nighean òg an rìgh
Hu ri bho ho, nuair a thèid thu mach
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, nuair a thèid thu mach
Hu ri bho ho, seinnear pìob leat
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, seinnear pìob leat
Hu ri bho ho, nuair a thig thu steach
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, nuair a thig thu steach
Hu ri bho ho, seinnear clàrsach
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho, seinnear clàrsach
Hu ri bho ho, nan teud bìnn leat
Faile lio ho, ro ho rean o ho
Faile lio ho
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.