Tha na féidh am bràigh uige
Bràigh uige, bràigh uige
Tha na féidh am bràigh uige
'S e mo dhiùbhail mar thachair
Tha mo shealgair gun éirigh
Gun éirigh, gun éirigh
Tha mo shealgair gun éirigh
'S tha na féidh air na leacainn
Tha mo shealgair 'na shìneadh
'Na shìneadh, 'na shìneadh
Tha mo shealgair 'na shìneadh
Anns an fhrìth gun tighinn dhachaidh
Tha mo crodh air na lóintean
Na lóintean, na lóintean
Tha mo crodh air na lóintean
'S na laoigh òga mu'n casan
Iad gun togail ri aonaich
Ri aonaich, ri aonaich
Iad gun togail ri aonaich
Fireach fraoich agus glacan
Gura fuar lag na h-àiridh
Na h-àiridh, na h-àiridh
Gura fuar lag na h-àiridh
'S tha mo ghràdh fo na leacaibh
Hillinn o 's na hill Iù ò
Hillinn o 's na hill Iù ò
Hillinn o 's na hill Iù ò
Hillinn o 's na hill Iù ò
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.