Sèist:
Fail èile 's ho ro
Fail èile 's ho ro
Fail èile 's ho ra hu
Hog i ò 's na hu hì
Ged is math a bhith seòladh
'S olc a tha i 'gam chòrdadh
'S mòr gum b' fheàrr a bhith 'm Bòsta
Cur an eòrna 'san raon
Och a Rìgh gur trom m' osna
'S fhada ò mo luaidh anochd mi
Mise tuath air Ceann Lochlainn
'S ise aig Loch an Fhir Mhaoil
Dh' fhalbh i, ghlais i leinn dhaichaidh
Chuir i chuairt ud air Arcaibh
Le cruinn ùra 's siùil gheala
Tìde mhara 's i leinn
On a fhuair mi làn òrdugh
An t-soitheach a sheòladh
'S ann stiùireas mi 'n t-sròn aic'
Air MacDhòmhnaill a' Chaoil
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.