Ochòin a rì 's i mo rìbhinn donn
Dh'fhag mi fo mhì-ghean 'us m'inntinn trom
Gur e a bòichead a rinn mo leònadh
'S cha bhi mi beò gun mo ribhinn donn
Is truagh an dràsda nach robh mi'm bhàrd
A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn
'S gun innsinn buadhan na maighdinn uasail
Mu' bheil mo smuaintean gach oidhche 's là
Mar chanach mòintich tha cneas mo luaidh
Dearg mar chaorann tha dreach a gruaidh
A beus 's a nàdur mar neòinean màlda
No sòbhrag dh'fhàsas fo sgàil nam bruach
Gur bòidheach dualach an cuailean mìn
A th'air a' ghruagaich a bhuair mo chrìdh'
Gur binne còmhradh na guth na smeòraich
'S tha mise brònach on dh'fhàg i mi
Ged tha mo ghrian-sa a' triall fo sgleò
'S mise 'm bliadhna mar ian 's a cheò
Togaidh an sgàile 's ni ise deàrrsadh
'S gu'm faigh mi slàinte gach là ri'm bheò
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.