Chuala mi 's mi là air sgrìob
Dà fheannaig bha ri bròn neo-bhinn
Is tè dhiubh gairm leis an dìth
"Cà 'n-diugh an tèid sinn shireadh bìdh?"
Tha thall air cùl a' ghàrraidh fhàil
Tighearn air ùr-chur chun a' bhàis
'S chan fhiosrach aon gu bheil e ann
Ach a chù, 's a sheabhag 's a chèile dhonn
Tha 'n cù air falbh a shealg an fhèidh
'S tha 'n t-seabhag an tòir air eòin an t-slèibh
Tha leannan eil' aig a chèile phòst'
'S nis teannamaid fhìn ri cuirm is ròic
Suidhidh tu fhèin air chàimh a chlèibh
Criomaidh mi fhìn a ghorm-shùil shèimh
Is càiridh a chùl òr-bhuidh' trom
Ar nead nuair bhios e cinntinn lom
Is mòr na chaoineas air a sgàth
Ach cha tig fios a bheò no bhàis
Is thar a chnàmhan loma, bàn
Bidh sèideadh gaoithe gu Là Bhràth
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.