Hù oireann o hù oireann o
Bha mise raoir air an àirigh
Hù oireann o hù oireann o
Cha b' ann ri aighear a bha mi
Hi o èileadh ho hoireann o
Cha b' ann ri aighear a bha mi
Hù oireann o hù oireann o
Ach a' smaointinn ortsa, ghràidhein
Hi o èileadh ho hoireann o
Ach a' smaointinn ortsa, ghràidhein
Hù oireann o hù oireann o
'N dùil nach cumadh am muir-làn thu
Hi o èileadh ho hoireann o
'N dùil nach cumadh am muir-làn thu
Hù oireann o hù oireann o
Nach cumadh lìonadh no tràghadh
Hi o èileadh ho hoireann o
Nach cumadh lìonadh no tràghadh
Hù oireann o hù oireann o
Nach mò chumadh an tè bhàn thu
Hi o èileadh ho hoireann o
Nach mò chumadh an tè bhàn thu
Hù oireann o hù oireann o
Dh'aindeoin a cuid chruidh na phràisich
Hi o èileadh ho hoireann o
Hù oireann o hù oireann o
Bha mi raoir air àirigh luachrach
Hù oireann o hù oireann o
Dh'fhairich mi crith, cha bu chrith fhuachd I
Hi o èileadh ho hoireann o
Dh'fhairich mi crith, cha bu chrith fhuachd I
Hù oireann o hù oireann o
Dh'fhairich mi fear, làimh a b' fhuaire
Hi o èileadh ho hoireann o
Dh'fhairich mi fear, làimh a b' fhuaire
Hù oireann o hù oireann o
Càradh a chuid airm 'n taobh shuas dhìom
Hi o èileadh ho hoireann o
Càradh a chuid airm 'n taobh shuas dhìom
Hù oireann o hù oireann o
Sgaoileadh a bhreacain mum uachdar
Hi o èileadh ho hoireann o
Sgaoileadh a bhreacain mum uachdar
Hù oireann o hù oireann o
Dh'aithnich mi nach b' e mo luaidh e
Hi o èileadh ho hoireann o
Dh'aithnich mi nach b' e mo luaidh e
Hù oireann o hù oireann o
Bhuail mi sad air, shrad mi bhuam e
Hi o èileadh ho hoireann o
Bhuail mi sad air, shrad mi bhuam e
Hù oireann o hù oireann o
'S thug cùl a chinn lag san luachair
Hi o èileadh ho hoireann o
Hù oireann o hù oireann o
A strong comment here is specific: the phrase you keep hearing, the mood you come back for, or the reason this song stays in rotation.
Sign in to post the first listener note. Reporting stays open to everyone.